Ochoin a ri, 'si mo ribhinn donn
Dh 'fhag mi fo mhi-ghean 'us m'inntinn trom
Gur e a boichead a rinn mo leonadh
'S cha bhi mi beo gun mo ribhinn donn
Is truagh an drasda nach robh mi 'm bhard
A ghleusadh clarsach 's a sheinneadh dan
'S gu 'n innsinn buadhan na maighdinn uasail
Mu' bheil mo smuaintean gach oidhche 's la
Gur boidheach, dualach an cuailean min
A th'air a'ghruagaich a bhuair mo chridh'
Gur binne comhradh na guth na smeoraich
'S tha mise bronach o'n dh'thag i mi
Ged tha mo ghrian-sa a'triall fo sgleo
Is mise 'm bliadhna mar ian 'sa cheo
Togaidh 'n sgaile 's ni ise dearrsadh
'S gu 'm faigh mi slainte gach la ri 'm bheo