Ochoin a ri, 'si mo ribhinn donn Dh 'fhag mi fo mhi-ghean 'us m'inntinn trom Gur e a boichead a rinn mo leonadh 'S cha bhi mi beo gun mo ribhinn donn Is truagh an drasda nach robh mi 'm bhard A ghleusadh clarsach 's a sheinneadh dan 'S gu 'n innsinn buadhan na maighdinn uasail Mu' bheil mo smuaintean gach oidhche 's la Gur boidheach, dualach an cuailean min A th'air a'ghruagaich a bhuair mo chridh' Gur binne comhradh na guth na smeoraich 'S tha mise bronach o'n dh'thag i mi Ged tha mo ghrian-sa a'triall fo sgleo Is mise 'm bliadhna mar ian 'sa cheo Togaidh 'n sgaile 's ni ise dearrsadh 'S gu 'm faigh mi slainte gach la ri 'm bheo