Soraidh bhuam gu Barraidh Eilean's maisich tha fo'n ghrein Far an tric an robh mi sugradh 'S le sunna a ruith na spreidh Gur lionmhor lus tha fas fo'n druchd Is deallt air uir as dheidh A' bheireadh slainte is muirneal dhuit Air maduinn chubhraidh cheit An am direadh ris a mhonadh Measg a' mhurain 'be mo mhiann Air feasgar fann's an fhoghar Nuair a chromadh air a ghrian Gum beathaicheadh am faladh thu Far luscan b'aille fiomh An aiteag chubhraidh aluinn Thig far bharr a' chain an iar An am eirigh anns an t'samhradh 'Se bhith ann, bu mhor mo mhiann Gach iasgair 's e le bhata Dol gu aite a chuir na lion Nuair a charadh iad siuil shlan rith Air bharr nan tonnan liath Bu bhriagha a bhi ga faicinn Air a setadh dol dha'n iar 'Se Barraidh an t-eilean 's boidhche Ann cho mor 's gun d'chur mi uigh Far an tric an do ghabh mi oran Measg non oighean maiseach ciuin 'S ged tha mi'n duigh air m'aineol An Australia nan craobh Cha di-chuimhuich mi a Ghaidhlig Tha i sgriobhte 's a' chlar aig m'aois