Och a Thearlaich og Stiubhart 'Se do chuis rinn mo leireadh Thug thu 'uam gach ni bh'agam Ann an cogadh 'nad aobhar Cha chrodh is cha chaoraich Tha mi 'caoidh ach mo cheile O'n la dh'fhag e mi 'm aonar Gun sion san t-saoghal ach leine Mo run geal og Bu tu fear mor bu mhath cumadh O do mhullach gu d' bhrogan Tha do shlios mar an eala 'S bias na meala air do phogan D'fhalt dualach donn lurach Mu do mhuineal an ordugh 'Se gu camalubach cuimir Gach aon toit urram d'a bhoidhchead Mo run geal og O gur mise th'air mo sgaradh 'S ged do chanam cha bhreug e 'S iomadh te bha 'm banntrach Nach tug __ dhut fheine Fear do cheile 's do thuigse Cha robh furasd ri fheudainn 'S cha do sheas an Cul-lodair Fear do choltais bu treine Mo run geal og Och nan och, gur mi bochdag 'S mi lan osnaich an comhnaidh Chaill mi duil ri thu thighinn Thuit mo chridhe gu dortadh Cha tog fidheall no clarsach Piob no taileasg no ceol e Nis o chuir iad thu'n tasgadh Cha duisg caidreabh duin' oig mi Mo run geal og Bha mi greis ann am barail Gun bu mhaireann mo cheile Is gun tigeadh tu dhachaidh Le aithghearr 's le aoibhneis Ach tha'n t-am dhol thairis 'Is chan fhaic mi fear d'eugais Gus an teid mi dhan annart Cha dealaich do speis rium Mo run geal og