Òladh neo na òladh càch i Biodh i làn aig ceann a' bhùird Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Deoch slàinte le fear an tùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Chunnacas bàt' air an fhairge 'S an làimh dhearg air an stiùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Deoch slàinte le fear an tùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Chunnaic mi dol seach' an caol i 'S badan fraoich 's an t-slait shiùil Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Deoch slàinte le fear an tùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Fhir a chunnaic air an t-sàil i Beannaich an long bhàn 's a criùdh' Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Beannaich a cruinn àrd 's a h-acfhuinn A cuid acraichean 's a siùil Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Deoch slàinte le fear an tùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Ged a tha mi 'n seo an Colla B' e mo thoil a dhol a Rùm Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Deoch slàinte le fear an tùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Agus as a sin a dh' Uibhist Nan d' fhuair mi mo ghuidhe leam Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Deoch slàinte le fear an tùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin